Plana Gàidhlig ùr aig VisitScotland

Sanasan turasachd
Image caption Thuirt 34% de luchd-freagairt rannsachadh VisitScotland gun robh Gàidhlig a' cur ris an turas aca.

Tha VisitScotland air am Plana Gàidhlig as ùire aca fhoillseachadh.

Tha VisitScotland airson taic a thoirt do bharrachd ghnìomhachasan turasachd a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig.

Tha iad cuideachd airson cur ris an tuigse a th' aig luchd-obrach VisitScotland fhèin mu dheidhinn a' chànain.

Bidh am plana ùr seo a' ruith thairis air na trì bliadhnaichean ri teachd.

Amasan

Am measg amasan a' phlana, tha VisitScotland ag ràdh:

  • Cuiridh iad ris an t-susbaint Ghàidhlig air an làraich-lìn aca
  • Cleachdaidh iad suaicheantas agus dearbh-aithne chorporra dà-chànanach mar phàirt de dh'ath-bhranndadh sam bith no nuair a thèid brannd ùr a chruthachadh
  • Cuiridh iad ri comas an luchd-obrach aca gealltanasan a' phlana a lìbhrigeadh tro bhith a' fastadh dhaoine le sgilean Gàidhlig agus Beurla, agus tro thrèanadh
  • Cumaidh iad taic ris a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail gus cuideachadh le PR agus Margaidheachd

"Tha am Plana Gàidhlig as ùire aig VisitScotland a' daingneachadh nan geallaidhean againn gus cleachdadh a' chànain a bhrosnachadh air feadh na buidhne," thuirt Malcolm Roughead, Àrd-Oifigear VisitScotland.

"Tha comas aig a' chànan a bhith na phrìomh phàirt de thurasachd na h-Alba, a' cruthachadh thursan sònraichte gun samhail do luchd-tadhail."

Fàilte

Chuir Bòrd na Gàidhlig fàilte air a' phlana cuideachd.

"Tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh agus a' cur luach air an obair chudromaich a bhios VisitScotland a' dèanamh gus a' Ghàidhlig adhartachadh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta," thuirt ceannard a' Bhùird Shona NicIllInnein.

"Tha turasachd fìor chudromach do dh'eaconomaidh na h-Alba agus tha sinn ag aithneachadh a' chomais mhòir a tha ann fàs a chur air cleachdadh na Gàidhlig air feadh a' ghnìomhachais, airson buannachd nan coimhearsnachdan agus an luchd-tadhail.

"Tha VisitScotland air a bhith gu math trang, gu sònraichte thairis an dà bhliadhna a chaidh seachad le cruthachadh ro-innealachd turasachd Gàidhlig.

"'S e fìor deagh eisimpleir a th' ann mar a tha buidheann phoblach ag obair comhla ri buidhnean-poblach eile, buidhnean-coimearsalta agus buidhnean anns a' choimhearsnachd airson cleachdadh na Gàidhlig a leasachadh."

'S e seo an treas plana Gàidhlig aig VisitScotland, buidheann turasachd nàiseanta na h-Alba, a chaidh a stèidheachadh ann an 1969 leis an ainm Bòrd Turasachd na h-Alba.

Ann an 2016, fhuair Suirbhidh Luchd-tadhail, a rinn VisitScotland, gun robh 34% den luchd-freagairt den bheachd gun robh a' Ghàidhlig a' cur ris an turas aca agus gun robh iad ag iarraidh barrachd ionnsachadh mu deidhinn.