Ath-sgrùdadh slàinte an Earra-Ghàidheal

Slàinte

Chuala Pàrlamaid na h-Alba an tuilleadh mìneachaidh air sgrùdadh ùr mu chasaidean de burraidheachd san NHS ann an Earra-Ghàidheal.

Chaidh aithisg Iain Sturrock QC air burraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd fhoillseachadh na bu thràithe am-bliadhna.

Dh'innis na ceudan dhan rannsachadh gun robh iad air "eagal, maoidheadh agus dol a-mach mì-iomchaidh" fhulang san àite-obrach.

Am measg nam molaidhean aig Iain Sturrock, bha gum biodh rannsachadh fa leth ann a' coimhead gu sònraichte air casaidean de burraidheachd san NHS ann an Earra-Ghàidheal.

A' freagairt ceist ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin, thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gu bheil i air coinneachadh ri NHS na Gàidhealtachd is gu bheil i riaraichte leis an ullachadh a tha iad air dèanamh mu choinneimh an rannsachaidh ùir.

Thuirt i gum bithear a' cumail sùil gheur air an rannsachadh is mar a thèid dèiligeadh ri molaidhean sam bith a thig às.

Tha dùil gun tòisich an sgrùdadh san Fhaoilleach is gum mair e dusan seachdainean.