Tubaist air an A9

Chaidh an A9 a dhùnadh tuath air an Aghaidh Mhòir oidhche Dhiardaoin às dèidh tubaist rathaid.

Thachair an tubaist eadar carbad airm agus bhana goirid ro 7f.

Dh'innis Poileas Alba gun deach ambaileans-adhair gu làrach na tubaist agus gun deach aon neach a thoirt don ospadal.

Thuirt na Poilis gu bheil an neach air an droch ghoirteachadh ach nach eil iad ann an cunnart am beatha.

Dh'fhosgail an A9 a-rithist timcheall air 11.30 oidhche Dhiardaoin.