Manach air ath-thagradh a chall
- Air fhoillseachadh

Fhuair cùirt ann an Astràilia gum bu chòir sagart Caitligeach a thilleadh a dh'Alba 'son a dhol mu choinneamh na cùirteach.
Bha Denis "Chrysostom" Alexander, a tha 83, uair na mhanach aig seann Sgoil Abaid Chille Chuimein.
Tha ceithir casaidean na aghaidh gun tug e ionnsaighean drabasta air cloinn is gun robh e ri dochann nan aghaidh fhad 's a bha e ag obair san sgoil.
Chaidh a chur an grèim ann an Astràilia bho chionn cha mhòr trì bliadhna.
Strì
Rinn e strì ge-tà, an aghaidh cho-dhùnaidh a chur air ais a dh'Alba 'son a dhol mu choinneimh na cùirteach, is e ag ràdh gu bheil aois is a chuid slàinte a' fàgail gum biodh seo cunnartach dha, 's gum faodadh e a bhith fiù 's ann an cunnart a bheatha.
Ach tha cùirt fheadaralach ann an Astràilia a-nise air an argamaid sin a thilgeil às.
Thathas a' tuigsinn gu bheil 28 làithean aig Mgr Alexander ath-thagradh a dhèanamh.
Tha e a-riamh air a bhith a' dol às àicheadh nan casaidean a tha na aghaidh.