Corp Jacqueline Ullmer air a lorg

Jacqueline Ullmer Image copyright Poileas Alba
Image caption Chaidh Jacqueline Ullmer fhaicinn mu dheireadh na dachaidh air an 31mh den Lùnastal.

Dearbh Poileas Alba gur e corp Jacqueline Ullmer, a chaidh a dhìth bho a dachaidh air a' Ghàidhealtachd bho chionn dà mhìos, a chaidh a lorg ann an abhainn ann am Moireibh.

Chaidh Jacqueline Ullmer, 61, fhaicinn mu dheireadh na dachaidh ann an Rathad an Stèisein ann an Drochaid Chàrr air an 31mh den Lùnastal.

Fhuaireadh a corp ann an Abhainn Spè fasig air Fachabair air an 22mh den Damhair.

"Tha na smuaintean againn le teaghlach agus caraidean Jacqueline, agus tha sinn a' toirt taic dhaibh aig an àm dhuilich a tha seo", thuirt an Det. Insp. Donnie Dòmhnallach.

"Bu mhath leum taing a thoirt dhan a h-uile duine a chuidich sinn fhad 's a bha an rannsachadh a' dol air adhart", thuirt e.

Chaidh sgrùdadh farsaing a dhèanamh le daibhearan, sgioba-teasargainn nam beann agus heileacoptair nam maor-chladaich nuair a chaidh Jacqueline a dhìth.