Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd

Thuirt cùirt Astràilianach gum bu chòir sagart Caitligeach a thilleadh a dh'Alba a sheasamh chasaidean mu ionnsaighean drabasta. Bha Denis Alexander na shagart aig aon àm aig an t-seann sgoil Chaitligich ann an Abaid Chille Chuimein. Dh'iarr esan ath-sgrùdadh air co-dhùnadh àrd-neach-tagraidh Astràilia a chur air ais a dh'Alba, ach tha cùirt feadaralach air sin a dhiùltadh.

An Taghadh Coitcheann

Dh'iarr fear a bha na Bhall-Pàrlamaid Làbarach air daoine bhòtadh airson nan Tòraidhean anns an Taghadh Choitcheann, 's e ag ràdh nach eil Jeremy Corbyn fut air a bhith na Phrìomhaire. Bha Ian Austin na Bhall-Pàrlamaid neo-eisimeileach airson ùine an dèidh na Làbaraich fhàgail, agus chan eil e a' seasamh a-rithist. Thuirt e nach ann gun adhbhar a dh'fhàg Tom Watson a dhreuchd mar Leas-Cheannard Làbarach beagan sheachdainnean ro bhòt anns am faodadh Mgr Corbyn a thaghadh mar Phrìomhaire.

Rinn na Libearalaich Dheamocratach, Plaid Cymru agus am Pàrtaidh Uaine aonta taghaidh airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach. Chuir na trì pàrtaidhean a tha an aghaidh Bhrexit romhpa nach seas iad an aghaidh a chèile ann am mu 60 roinn ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh.

Agus tha am Prìomhaire an Alba an-diugh le teachdaireachd gun cuir bhòt dha na Tòraidhean stad air referendum eile airson neo-eisimeileachd. Seo a' chiad là slàn aig Boris Johnson air iomairt an Taghaidh.

Referendum

Cuiridh Pàrlamaid na h-Alba aonta an-diugh ri reachdas a' mìneachadh nan riaghailtean fo am biodh referendum eile ann air neo-eisimeileachd, agus ministearan an Riaghaltais ag ràdh gum feumar ullachadh air a shon. Ach tha am bile connspaideach agus luchd-taic an Aonaidh ag ràdh nach eil ann ach caitheamh airgid gun adhbhar agus cleasan poilitigeach bhon SNP ron Taghadh.

Tuath-Gaoithe Steòrnabhaigh

Tha dòchas às ùr ann mun phlana airson Tuath-Gaoithe Steòrnabhaigh agus càball gu Tìr-Mòr, agus Urras Steòrnabhaigh air a bhith a' bruidhinn ri Lewis Windpower mun phròiseact acasan nach d' fhuair taic bhon sgeama Contracts For Difference. Bha sin na bhuille dhan iomairt airson càbaill-dealain 600MW eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr. Ach tha Siamarlann Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, ag ràdh gu bheil Lewis Windpower fhathast a' coimhead air a dhol air adhart leis an tuath-ghaoithe, 's gu bheil Scottish and Southern Energy cuideachd deònach Ofgem a riarachadh a thaobh a' chàbaill gu Tìr-Mòr.

An Ròimh

Tha poilis anns an Ròimh a' rannsachadh ionnsaigh le sgithinn air dithis dhaoine ron gheama aig Celtic an aghaidh Lazio a-nochd. Tha e coltach gur e dithis de luchd-taic Celtic a th' annta, 's ged a tha iad anns an ospadal nach deach an droch leòn. Bha dùil gum faodadh buaireadh a bhith ann agus luchd-taic Lazio air a bhith a' maoidheadh dìoghaltais an dèidh a' gheama ann an Glaschu bho chionn cola-deug aig an robh bratach am measg luchd-taic Celtic a' fanaid air bàs an deachdaire Eadailtich Mussolini.