Lewis Windpower "fhathast dòchasach"

Càball air grunnd na mara

Tha an t-uachdaran coimhearsnachd, Urras Steòrnabhaigh, ag ràdh gu bheil Lewis Windpower fhathast an dòchas a dhol air adhart le tuath-gaoithe Steòrnabhaigh.

Bha sin air cothrom air taic-airgid bhon Riaghaltas a chall bho chionn ghoirid - rud a bha na bhuille dha planaichean airson càball-dealain leasaichte gu Tìr-Mòr.

Dh'fhoillsich riaghladair a' chumhachd, Ofgem, nach robh iad taiceil do phlana airson càball 600MW a chur eadar na h-Eileanan Sir agus Tìr-Mòr.

Tha eòlaichean a' meas sin riatanach airson leigeil le leasachaidhean ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar a dhol air adhart, 's iad ag ràdh nach dèanadh an càball 450MW a tha Ofgem a' moladh a' chùis.

Thuirt Siamarlan an Urrais, Iain MacÌomhair, gun robh a' chompanaidh dealain SSE airson an riaghladair a riarachadh a thaobh am planaichean airson càbaill-dealain nas motha.

"Tha iad misneachail ann an dhà no thrì dhòighean," thuirt e.

"Anns a' chiad àite tha iad toilichte gu bheil an t-Urras agus a' Chomhairle, agus - tha sinn a' faicinn - an Riaghaltas, a' miannachadh gun deadh e air adhart agus gun urrrainn dhuinn na leasachaidhean a tha sin fhaicinn a bha sinn an dùil a bhiodh air tachairt fada ron seo.

"Agus cuideachd gum fosgladh sin an doras, chan e a-mhàin dhan phròiseact fhèin, ach a h-uile càil eile a tha a' feuchainn ri dhol air adhart anns na h-Eileanan an-dràsta.

"Tha iad misneachail cuideachd gu bheil am pròiseact a th' aca, ma 's e agus gun tèid dèiligeadh ris an t-suidheachadh a tha a' cur bacadh air na h-Eileanan ann an dòigh a tha reusanta, gu bheil cothrom ann a dhol air ais gu Ofgem le pròiseact a dh'obraicheas," thuirt e.