campaign
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt nan Tòraidhean ga chur air bhonn

7 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh iomhairt taghaidh nan Tòraidhean a chur air bhonn aig ìre na Rìoghachd Aonaichte Diciadain fo sgàil na naidheachd gun robh Rùnaire na Cuimrigh a' fàgail a dhreuchd.

Dh'fhàg Alun Cairns às dèidh do chasaidean a nochdadh gun robh fios aige gun robh fear a bha ag obair dha ri choireachadh airson mar a thuit cùis èigneachaidh sa chùirt às a chèile.

Thachair seo agus Am Prìomhaire a' coinneachadh ris a' Bhàn-rìgh airson a' phàrlamaid a chur mu sgaoil.

Cuideachd chuir Làbaraich na h-Alba an iomairt aca air bhog agus bha an SNP agus na Lib Deamaich a' leantainn len iomairtean.