Mì-chinnt mun ionmhas a tha a' dol gu croitearan

Croit ann an Slèite

Tha an tuilleadh mì-chinnt air nochdadh a-thaobh airgid aiteachais a tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt seachad do chroitearan is tuathanaich.

Bha croitearan a' gearain nach robh e cothromach mar a chaidh £80m not a roinn a-mach, 's iad a' faireachdain nach d'fhuair na sgìrean far a bheil an talamh as miosa cuibhreann mòr gu leòr den airgid.

Oidhche Mhàirt chur Ministear an Àiteachais, Fearghas Ewing tweet a-mach ag ràdh gun robh iad dol a chur deich millean not ris an t-suim airson croitearan air an talamh is miosa.

Ach fhuair BBC Naidheachdan soillearachadh bhon an riaghaltas Diciadain gu bheil an t-airgead sin a' tighinn bhon t-sùim a thèid a thoirt seachad an ath bhliadhna.