Barrachd euslainteach aig Ospadal an Rathaig Mhòir

Ospadal an Rathaig Mhòir
Image caption Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum bu chòir dhan mhòr-shluagh a bhith a' sùileachadh dàil, is gun toir an t-ospadal prìomhachas do na cùisean as èiginniche.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gun tàinig air Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis tòrr a bharrachd euslainteach a ghabhail an t-seachdain-sa.

Thuirt am bòrd gum bu chòir dhan mhòr-shluagh a bhith a' sùileachadh dàil, is gun toir an t-ospadal prìomhachas do na cùisean as èiginniche.

Dh'iarr iad air daoine a tha a' smaointinn air a dhol gu roinn tubaist is èiginn an ospadail beachdachadh mu dheidhinn fònadh gu NHS 24, a dhol chun an doctair teaghlaich aca no cungaidhear no chun an ionaid ionadail aca airson dèiligeadh ri lotan.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil luchd-obrach Ospadal an Rathaig Mhòir ag obair gu dripeil airson an cùram as fheàrr a thoirt seachad is euslaintich fhaighinn math gu leòr gus am faigh iad air an t-ospadal fhàgail.

Tha iad ag iarraidh air càirdean is caraidean euslainteach taic a thoirt dhaibh le bhith a' cuideachadh dhaoine faighinn dhachaigh às an ospadal.