Kintyre
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu obraichean an Cinn Tìre

5 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh air na h-aonaidhean aig factaraidh chrann-gaoithe ann an Ceann Loch Chille Chiarain gu bheil a' chompanaidh leis a bheil i a' feuchainn ri cùmhnantan a thoirt a-steach fo nach fheum iad barantas a thoirt seachad mu uairean an luchd-obrach - neo zero hours contracts mar a th'aca orra.

Dhearbh CS Wind an t-seachdain seo chaidh gu bheil iad am beachd 73 duine a phàigheadh dheth - a' fàgail nas lugha na 20 luchd-obrach ann.

Aig a cheart àm, tha draghan air tuathanaich na sgìre às dèidh dha faileachadh orra taigh-bainne a' bhaile a cheannach dhaibh fhèin - agus tha Tesco am beachd cosnaidhean a ghearradh sa bhaile cuideachd.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.