Choinnich teaghlach Chaoimhin MhicLeòid ri oifigearan bho Phoilis Mherseyside

Caoimhin MacLeòid
Image caption Bhàsiach Caoimhin MacLeòid ann an 1997

Choinnich teaghlach Chaoimhin MhicLeòid ri oifigearan bho Phoilis Mherseyside Dimàirt is iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air mar a dhèilig na poilis ri bàs Chaoimhin bho chionn còrr is 20 bliadhna.

Tha ochdnar bho Phoilis Mherseyside - sianar a th' air an dreuchdan a leigeal dhiubh agus dithis a tha fhathast ag obair - a-nis gus rannsachadh a dhèanamh mun chùis.

Thachair iad ri màthair, athair agus bràthair athair Chaoimhin agus thuirt iad gun robh coinneamh bhrìghmhor aca leotha.

Amharasach

Cha robh Caoimhin MacLeòid ach 24 nuair a chaidh e dhìth às dèidh dha a bhith muigh còmhla ri caraidean sa Ghearran 1997 ann an Inbhir Ùige.

Fhuairear a chorp ann an cala Inbhir Ùige agus, aig an àm, chò-dhùin oifigearan nach robh sian amharasach mu bhàs.

Ach tha a theaghlach air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean airson faighinn a-mach dè thachair dha is iad air iarraidh air Poileas Alba an rannsachadh fhosgladh às ùr.

Leòn

Bha amharas orra a-riamh mu bhàs leis mar a thàinig e am follais gun robh e air a leòn mu chorp mus deach e dhan uisge.

Dh'aidich Poileas Alba gun robh laigsean mòra anns an dòigh san do làimsich oifigearan a' chùis agus dh'iarr iad air poilis à sgìre eile ath-sgrùdadh a dhèanamh.

Tha dùil gun toir an ath-sgrùdadh aig Poilis Mherseyside co-dhìu naoi mìosan.