Ath-sgrùdaidh ga iarraidh air taic-airgid

Taighean-Croite Image copyright Gordon Hatton/Geograph

Tha BP nan Eilean Siar ag iarraidh ath-sgrùdaidh air mar a chaidh taic-airgid Eòrpach a roinn eadar croitearan agus tuathanaich an Alba.

Tha fearg air croitearan, a tha a' cumail a-mach gur iad an fheadhainn leis an talamh as fheàrr a gheibh an taic as motha.

Tha Aonadh nan Tuathanach a' dìon mar a chaidh am maoineachadh a sgaoileadh - ag ràdh gu bheil e cothromach.

Bidh Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, ann an Leòdhas an t-seachain seo far an coinnich e ri croitearan.

Dh'iarr Aonghas Briannan MacNèill gun toir Mgr Ewing atharrachadh air a' chùis.

Atharrachadh

"Feumaidh e a leasachadh, chanainn, agus atharrachadh a dhèanamh air an t-suidheachadh a tha seo," thuirt e.

"Chan eil daoine toilichte. Feumaidh e coimhead air rudan a ghabhas dèanamh mar a bhiodh ministear sam bith.

"Tha fhios againn gu bheil £80m eile a' tighinn fhathast, ach fàgaidh sinn sin an dàrna taobh.

"Leis an airgead a th' air nochdadh tha mi a' smaointinn gu bheil còir aige coimhead air dè ghabhas dèanamh do sgìrean croitearachd.

"Tha mi an dòchas gun dèan e atharrachadh anns na làithean a tha romhainn. Bhithinn an dòchas gum biodh cùisean na b' fheàrr do sgìrean croitearachd seach mar a tha iad an-dràsta," thuirt e.