Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clara Ponsati

Chaidh barrantas Eòrpach a sgaoileadh airson seann mhinistear Chatalonia, Clara Ponsati. Tha Ms Ponsati, a tha 62, na h-ollamh an-dràsta aig Oilthigh Chille Rìmhinn, 's i fo chasaid san Spàinn airson na rinn i mar mhinistear a' cur referendum air dòigh air neo-eisimeileachd do Chatalonia bho chionn dà bhliadhna. Ma thèid a cur air ais dhan Spàinn tha coltas gum bi ùine sa phrìosan roimpe. Tha i a' dol às àicheadh gun do rinn i dad ceàrr.

An Taghadh

Thug na Tòraidhean dùbhlan dha na Làbaraich innse gu follaiseach dè na planaichean a th' aca airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha na Tòraidhean ag ràdh gu bheil plana nan Làbarach airson aonta Bhrexit ùr ro referendum eile do-dhèanta. Tha Jeremy Corbyn a' dèanamh òraid a' fàgail air na Tòraidhean gu bheil iad deònach an NHS a thrèigsinn ann an aonta malairt leis na Stàitean Aonaichte. Tha na Libearalaich Dheamocratach a' cur iomairt an taghaidh acasan air bhonn an-dràsta, le gealltanas air bònas £50bn dhan dùthaich ma thèid stad air Brexit. Thuirt Nicola Sturgeon gu bheil e maslach gun deach a fàgail a-mach à deasbad telebhisein nan ceannardan ron taghadh choitcheann. Tha sin an dèidh do cheannard nan Lib-Deamach, Jo Swinson, gearain gu foirmeil ri ITV nach tug iad àite san deasbad ach do Bhoris Johnson agus Jeremy Corbyn.

Aithisg Pàrlamaid

Chuir fear a bha na cheannard air MI5 taic ris an fheadhainn a tha ag iarraidh aithisg Pàrlamaid fhoillseachadh ron taghadh choitcheann air casaidean gun do ghabh an Ruis gnothach ri pròiseas deamocratach na Rìoghachd Aonaichte. Thathas a' fàgail air Sràid Dhowning gu bheil iad a' cur maill air an aithisg bho Chomataidh na Tèarainteachd le coltas ann nach toir iad cead an aithisg fhoillseachadh mus sgaoil a' Phàrlamaid a-màireach.

Caoimhin MacLeòid

Coinnichidh teaghlach Chaoimhin MhicLeòid às Inbhir Ùige, a tha a' cumail a-mach gun deach esan a mhurt bho chionn còrr is 20 bliadhna, ri Poileas Mherseyside a tha a' dèanamh ath-sgrùdaidh do Phoileas Alba. Chaidh corp Chaoimhin a thoirt à cala Inbhir Ùige sa Ghearran ann an 1997. Dh'aidich Poileas Alba gun robh mearachdan san dòigh anns an do làimhsich iad a' chùis, agus dh'iarr iad air feachd Mherseyside ath-sgrùdadh a dhèanamh.

Taic-Airgid Eòrpach

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus ball nan Eilean Siar aig Westminster Aonghas Brianan MacNìll ag iarraidh ath-sgrùdaidh air an dòigh anns am bi Riaghaltas na h-Alba a' roinn na taic-airgid Eòrpaich "Convergence Funding" eadar croitearan is tuathanaich. Tha Caidreachas na Croitearachd mì-thoilichte 's iad ag ràdh gur iad an fheadhainn air an talamh as fheàrr a gheibh an taic-airgid as motha, ged a tha Aonadh nan Tuathanach a' cumail a-mach gu bheil e cothromach dhan a h-uile duine. Bidh Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, ann an Leòdhas an t-seachdain seo, far an coinnich e ri croitearan.