Còmhraidhean ùra eadar HIAL agus Prospect

Port-Adhair Inbhir Nis Image copyright Ewen Weatherspoon

Tòisichidh còmhraidhean às ùr eadar Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) agus aonadh an luchd-iùil, Prospect.

Dh'fhoillsich an dà bhuidhinn an naidheachd ann am brath a chuir iad a-mach còmhla.

Tha na còmhraidhean ag amas air fuasgladh fhaighinn do dh'eas-aonta a thaobh pàigheadh an luchd-iùil, a tha ag ràdh nach eil iadsan a' faighinn uimhir 's a tha luchd-iùil ann am pàirtean eile de Bhreatainn agus anns an roinn phrìobhaidich.

'S ann leis an Riaghaltas a tha HIAL.

Thuirt gach taobh gu bheil iad dòchasach gun gabh aonta a ruighinn.

Tha an t-eas-aonta air a bhith a ruith o chionn ùine, leis an luchd-iùil air stailcean a chumail grunn thursan tron bhliadhna seo, a' toirt buaidh air seirbheisean adhair sa cheann a tuath.