Pàrantan Chaoimhin MhicLeòid a' coinneachadh ris na Poilis

Caoimhin MacLeòid

Coinnichidh teaghlach Chaoimhin MhicLeòid ri oifigearan bho Phoilis Mherseyside a tha a' rannsachadh a bhàis Dimàirt.

Fhuaireadh corp Mhgr MhicLeòid ann an cala Inbhir Ùige ann an 1997.

Tha feachd Mherseyside a' dèanamh ath-sgrùdaidh air a' chùis.

Bha na Poilis den bheachd aig an àm gur e tubaist a bh' ann, is nach robh dad amharasach mun chùis.

Laigsean

Tha a theaghlach air a bhith a' cumail a-mach bho chionn fhada ge-tà, gum bu chòir dèiligeadh ri bàs Chaoimhin mar rannsachadh muirt.

Dh'aidich Poileas Alba roimhe gun robh laigsean mòra anns an dòigh san do làimsich na Poilis a' chùis bho thùs, is thabhainn iad leisgeul air an teaghlach.

Na bu thràithe am-bliadhna, dh'iarr Poileas Alba air Poileas Merseyside ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air a' chùis.

Coinnichidh pàrantan Chaoimhin MhicLeòid ri oifigearan bho Phoilis Merseyside Dimàirt 'son a' chiad turais, is dùil aca ri mìneachadh air mar a thèid an t-ath-sgrùdadh a dhèanamh.