Croft
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-thoileachas mu airgead àiteachais

4 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail gu bheil e an dùil còmhraidhean a chumail le ceannardan croitearachd mu mar a tha Riaghaltas na h-Alba airson airgead Eòrpach a roinn am measg luchd-àiteachais.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba fiadhaich 's iad ag ràdh gun tèid cus dhen ochd fichead millean not gu tuathanaich bheartach ann an sgìrean gallda.

Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Darren Linc.