Ceartas
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gàidhlig sa chùirt

4 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh oidhirp a dhèanamh air an t-seachdainn seo chaidh Gàidhlig a chleachadh ann an cùirt-eucoir Albannach airson a' chiad uair ann an iomadh bliadhna.

Ann an 1984, dh'fheuch a' bhuidheann iomairt 'Ceartas' ris an cànan a chleachdadh ann an Cùirt an t-Sioraidh ann an Inbhir Nis.

Dà bhliadhna ron a sin dh'fheuch iad ris an aon rud a dhèanamh ann an cùis-lagha ann am Port Rìgh.

Tha am fear-naidheachd againn, Ruairidh MacÌomhair a' toirt sùil air ais air na cùisean-lagha sin.