Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-sneachda gus tòiseachadh

Beinn Eighe Image copyright Roger McLachlan/Geograph

Tòisichidh Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-sneachda an Alba air an 13mh den Dùbhlachd.

A h-uile geamhradh bidh an t-seirbheis a' sgaoileadh fiosrachaidh gach là mu cho seasmhach sa tha an sneachda ann an sia sgìrean monaidh.

Dh'fhaodadh maoimtean-sneachda tachairt gu nàdarra neo mar thoradh air daoine a tha a' sgìtheadh neo a' sreap.

Uaireanan thathar gan tòiseachadh a dh'aona-ghnothach airson agus nach bi uidhear de chunnart ann do dhaoine a tha a-muigh air a' bheinn.

Image copyright SAIS Southern Cairngorms
Image caption Maoim-sneachda an Ceann a Deas a' Monaidh Ruaidh

Bhàsaich triùir an-uiridh - dìthis às an Fhraing agus fear às an Eilbheis - an dèidh maoim-sneachda air Beinn Nibheis sa Mhàrt.

B'e fear-sreap às an Eilbheis an aon duine a thàinig às beò.

Tha seirbheis nam maoimtean-sneachda a' cumail fiosrachaidh ri luchd-sgìthidh agus luchd-sreap ann an 6 sgìrean: Loch Abar, Gleann Comhann, Creag Meagaidh, Ceann a Deas agus Ceann a Tuath a' Mhonaidh Ruaidh agus ann an Toirbheartan.

Tha an t-seirbheis a' ruith mar as àbhaist gu meadhan a' Ghiblinn an ath-bhliadhna.