Croitearan feargach mu mar a tha taic-airgid ga roinn

Monadh
Image caption Tha gearan ann nach fhaigh an talamh as miosa an taic a dh'fheumar

Tha croitearan a' gearan nach fhaigh iad ach 15 % de £80m de thaic-airgid Eòrpach leis a' chòrr a' dol gu tuathanaich leis an talamh as fheàrr.

Rinn iad toileachas bho chionn ghoirid às dèidh do Riaghaltas Bhreatainn aontachadh taic-airgid luach £160m a thoirt do dh'Alba seach a bhith ga sgaoileadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Tha Riaghaltas na h-Alba a-nis air £80m a chur a-mach den airgead - Convergence Funding.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a' gearan nach eil croitearan a' faighinn ach 15% den t-suim sin agus gur iad tuathanaich leis an fhearann as fheàrr a gheibh a' bhuannachd as motha às.

Cothromachd

'S e amas an taic-airgid bho thùs dèanamh cinnteach gu robh an dòigh san robh taic àiteachais air a roinn eadar dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich nas cothromaiche.

Tha an caidreachas ag ràdh gun deach croitearan a mhealladh leis an riaghaltas agus nach fhaigh na daoine as fheumaiche air cuideachadh, leis an talamh as cruaidhe agus air a chomharrachadh mar Sgìre 3, an taic a tha a dhìth orra, mar a chaidh gealltainn dhaibh.

Tha Dòmhnall MacSuain, a tha na chroitear ann an Leòdhas, ag ràdh gun do chleachd Riaghaltas na h-Alba an argamaid gum faigh daoine le talamh air a chomharrachadh mar Sgìre 2 agus Sgìre 3 an cuid chothromach dheth airson ìmpidh a chur air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an t-airgead a shaoradh sa cheud dol-a-mach.

"Chreid sinn na bha an riaghaltas ag ràdh an toiseach agus tha iad air sealltainn a-rithist nach gabh earbsa a chur sna tha iad ag ràdh.

"Chuala sinn Diciadain gu robh iad dhen bheachd gu robh seo gu bhith na chuideachadh mòr dha na daoine a bha ag obair air an iomall, air an talamh as truaighe 's dòcha san dùthaich, agus an uairsin an ath là, sa phàrlamaid, chuala sinn an fhìrinn," thuirt Mgr MacSuain.

Aonadh nan Tuathanach

Tha Aonadh nan Tuathanach a' dìon mar a chaidh an t-airgead a roinn a-mach.

Tha stiùiriche sgìrean LFASS an aonaidh, Raibeart Dòmhnallach, den bheachd gu bheil e cothromach ged nach eil e ceart gu bheil £13m den airgead ga chleachdadh airson beàrn ann an subsadaidh LFASS a lìonadh.

Tha e ag ràdh gu bheil an dòigh sa bheil gach subsadaidh ga sgaoileadh a' cothromachadh chùisean eadar tuathanaich agus croitearan air a 'cheann thall.

"Tha an tuathanach air an talamh mhath, chan eil esan a' faighinn uidhear de LFASS agus a tha an croitear agus an tuathanach air an taobh siar airson nam monaidhean àrda. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' chothromachd cho math agus 's urrainn dhuinn a dhèanamh," thuirt e.