Casg air a' Ghàidhlig sa chùirt

Togalach Chùirt an t-Siorraim is Cùirt nam Maor-Ceartais, Dùn Èideann Image copyright N Chadwick/Geograph

Chuir Cùirt nam Maor-Ceartais ann an Dùn Èideann casg air fear a dh'fheuch ri Gàidhlig a chleachdadh ann an cùis-lagha.

Thòisich Marcas Mac an Tuairneir a' toirt fianais seachad sa Ghàidhlig sa chùirt, ach chuir am maor-ceartais stad air, ag innse dha gum b' e Beurla cànan na cùirte agus gum feumadh e fianais a thoirt seachad sa chànan sin.

Bha e a' toirt fianais ann an cùis far an deach fear fhaighinn ciontach airson ionnsaigh eucoir-ghràin an aghaidh Mhgr Mhic an Tuairneir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo