A' Ghàidhlig sa chùirt

Cùirt an t-Siorraim, Dùn Èideann Image copyright N Chadwick/Geograph

Tha dùil gun tèid a' Ghàidhlig a chleachdadh ann an cùirt Albannaich Diardaoin airson a' chiad uair ann an 35 bliadhna.

Tha Marcas Mac an Tuairneir an dùil fianais a thoirt seachad ann an cùis aig Cùirt an t-Siorraim ann an Dùn Èideann, sa bheil fear fo chasaid gun tug e ionnsaigh air Mgr Mac an Tuairneir.

'S ann an 1984 a bha an oidhirp mu dheireadh air a' Ghàidhlig a chleachdadh sa chùirt nuair a bha luchd-iomairt on bhuidhinn Ceartas fo chasaid gun robh iad a' cur peant air soidhnichean-rathaid Beurla faisg air Inbhir Nis.

Bha Mgr Mac an Tuairneir an dùil an làn-fhianais aige a thoirt seachad sa Ghàidhlig. 'S e fianaisiche a th' ann, 's chan eil e fo chasaid sam bith.

Thuirt e gun do rinn e iarrtas airson seo bho chionn mhìosan, agus às dèidh dàil sa chùis gun deach innse dha gum biodh eadar-theangaire air a chur air dòigh.

An t-seachdain a chaidh ge-tà, fhuair e brath nach biodh e comasach dha tuilleadh a' Ghàidhlig a chleachdadh, ri linn dìth eadar-theangairean.

Tha Mgr Mac an Tuairneir ag ràdh gun d' fhuair e rabhadh bhon chùirt gur dòcha nach deadh a' chùis air adhart idir nan diùltadh e Beurla a bhruidhinn.

Tha e fhathast an dùil brath a thoirt seachad sa Ghàidhlig ge-tà, mar neach-fianais, agus gun dèan e càineadh air mar a tha a' chùirt a' dol an aghaidh nan còraichean daonna agus nan còraichean cànain aige, agus canaidh e gu bheil seo a' dol an aghaidh na co-ionnanachd spèis eadar a' Ghàidhlig 's a' Bheurla mar a tha sgrìobhte ann an Achd na Gàidhlig.

Na 1980an

Chan eil còir laghail ann an Alba a' Ghàidhlig a chleachdadh ann an cùirtean eucorra sam bith, no anns a' mhòr-chuid de chùirtean sìobhalta.

'S e an suidheachadh a th' ann, nach eil còir aig duine Gàidhlig a chleachdadh ma tha Beurla aca cuideachd, agus an riaghladh a tha sin a' dol air ais chun na 19mh linn.

Chaidh sin a dhearbhadh a-rithist anns na 1980an.

Bha dà chùis anns na h-80an an aghaidh na buidhne iomairt Gàidhlig, Ceartas.

Bha a' bhuidheann a' strì airson chòraichean Gàidhlig, agus am measg eile bhiodh iad a' peantadh thairis air soidhnichean-rathaid a bh' anns a' Bheurla.

Cairt Eòrpach

B' ann an 1982 a bha a' chiad chùis, an aghaidh Iain Mhic an Tàilleir bhon bhuidhinn, 's e fo chasaid ann am Port Rìgh gun do pheant e tarsainn air soidhne baile Sgonnsair san Eilean Sgitheanach.

Rinn esan dà oidhirp a' chùis air fad a chumail sa Ghàidhlig, agus chaidh an dà oidhirp sin a dhiùltadh - an dàrna oidhirp anns an Àrd-Chùirt an Dùn Èideann.

B' ann an 1984 a bha an dàrna cùis, le triùir fo chasaid - Iain Mac an Tàilleir, Mark Wringe, agus Allan Esslemont - an turas seo airson peantadh tarsainn air soidhnichean rathaid air an A9.

Nuair a chaidh innse dhaibhsan nach fhaodadh iad Gàidhlig a chleachdadh dhiùlt iad càil idir a ràdh.

Dh'fheumadh iad na h-ainmean aca a dhearbhadh ge-tà, agus cha tuirt iad ach "Is mi".

Às dèidh don Rìoghachd Aonaichte a h-ainm a chur ri Cairt Eòrpach nam Mion-Chànanan ann an 2001, bha dleastanas air an Riaghaltas comas air choireigin a stèidheachadh airson a' Ghàidhlig a chleachdadh ann an cùirtean sìobhalta.

Ri linn sin tha cead a-niste a' Ghàidhlig a chleachdadh ann an cùisean sìobhalta ann an Steòrnabhagh, Port Rìgh agus Loch nam Madadh.