Eucoirean Cogaidh Chosobho

Xhemail Mustafa
Image caption Bha Xhemail Mustafa aig àrd-ìre san LDK, fear de phrìomh phàrtaidhean poilitigeach Chosobho.

Bha athair Beriane Mustafa, Xhemjail Mustafa, a' dèanamh a shlighe dhachaigh bho obair ann am prìomh bhaile Chosobho, Pristina, nuair a chaidh a mharbhadh air stairseach na dachaigh.

Chaidh losgadh air le gunna air an staidhre air an t-slighe a-steach chun a' flat aige.

Cha diochuimnich Beriane an là sin gu bràth.

"Dhomhsa bha e mar gun robh deireadh an t-Saoghail ann.

"Tha e gad mhilleadh. Bha sinn briste," thuirt i.

Murt Poilitigeach

Tha Beriane gu mòr den bheachd gur e murt poilitigeach a bha seo.

Chaidh a h-athair a mharbhadh ann an 2000, bliadhna an dèidh dhan chogadh ann an Cosobho a thiginn gu ceann nuair a bha cùisean fhathast gu math riaslach.

Bha na feachdan Searbach air tarraing a-mach, agus luchd-sabaid cinnidh Albàinianach, an KLA - le taic NATO - air làmh an uachdar fhaighinn.

Bha a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta air gluasad a-steach a chumail sìthe.

Fhad 's a bha oidhirpean a' dol an lagh ath-stèidheachadh bha diofar bhuidhnean a' feuchainn ri cumhachd fhaighinn.

Bha cuid de phàrtaidhean leithid Lìog Dheamocratach Chosobho, an LDK, ann mar thà, ach chaidh pàrtaidhean ùra a' stèidheachadh cuideachd - cuid aca le feadhainn a bha roimhe nam buill den KhLA, feadhainn a tha a-nis aig àrd-ìre ann am poilitigs.

Image caption Tha Beriane Mustafa fhathast a' sireadh fhreagairtean mu mhurt a h-athar.

B' e fear de dh'àrd-bhuill an LDK a bh' ann an Xhemail Mustafa agus cha b' e an aon bhall den phàrtaidh a chaidh a mharbhadh aig àm a' chogaidh agus greis às a dhèidh.

Cha deach duine a dhìteadh a-riamh airson a' bhàis.

Tha boillsgeadh dòchais aig Beriane. Seo an t-seòrsa cùis - agus tha grunn dhiubh ann - a dh'fhaodadh a bhith air a sgrùdadh le cùirt ùir.

Stèidhichte san Hague tha Seòmraichean Cùirte Sònraichte agus Oifis Neach-casaid Sònraichte Chosobho a' rannsachadh chasaidean gun robh luchd-sabaid Arm Saoraidh Chosobho, an KLA, ri eucoir cogaidh agus eucoirean an aghaidh a' chinne daonna aig àm Cogadh Chosobho.

Tha a' chùirt ùr a' sgrùdadh chùisean bhon Fhaoilleach 1998 gu an Dùbhlachd 2000 - bliadhna gu leth an dèidh dhan chogadh a thighinn gu ceann.

Tha Beriane an dòchas gum bi cùis a h-athar am measg an fheadhainn air an tèid coimhead.

"'S i a' chùirt shònraichte an cothrom mu dheireadh.

"A dh'aindeoin 's nach eil dùil agam ri tòrr, seo an dòchas mu dheireadh a th' agam agus aig an teaghlach agam," thuirt i.

Casaidean

Chan eil a' chùirt air casaidean a thogail an aghaidh duine sam bith fhathast ach tha grunn mhath dhaoine air cuireadh fhaighinn 'son agallamh.

Le sin tha beachd ann gu bheil i an ìre mhath ullaichte airson tòiseachadh daoine a thoirt gu lagh.

Tha a' chùirt fhèin a' cumail chùisean gu math dìomhair, agus cha chan iad cò air a tha iad ag amas, dè na casaidean a dh'fhaodadh a bhith air an togail neo cuin a dh'fhaodadh iad an togail.

Am measg an fheadhainn a chaidh a ghairm chun na cùirte airson agallamh tha Ramush Haradinaj a bha, gu bho chionn ghoirid, na phrìomhaire ann an Cosobho.

'S e an duine às àirde ann an dreuchd, aig ìre seo, a tha air a dhol dhan chùirt.

Image copyright Reuters
Image caption Chumar taghadh san Damhair. Bidh Ramush Haradinaj na phrìomhaire eadar-amail gus an tèid co-bhanntachd riaghlaidh ùr a stèidheachadh.

Leig e dheth a dhreuchd nuair a chaidh e a ghairm 's e ag ràdh gun robh e airson a dhol innte mar shìobhaltach àbhaisteach.

Bha Mgr Haradinaj na chomandair aig a' KhLA tron chogadh agus leig e dreuchd a' Phrìomhaire seachad roimhe ann an 2005 nuair a thog Tribiùnal Eucorra Eadar Nàiseanta na seann Iùgoslabh, an ICTY, casaidean eucoir cogaidh na aghaidh.

Chaidh e mu choinneimh na cùirte sin - a bha a' dèiligeadh ri eucoirean cogaidh a thachair aig àm nan cogaidhean Balcanach sna 90an - dà thuras.

Gach turas chaidh na casaidean a leigeil às.

Ged a chaidh e chun na cùirte ùire tha e ag ràdh gun do dhiùlt e cunntas sam bith a thoirt seachad 's e innte.

Tha e a' dol às àicheadh gun do rinn e dad ceàrr.

"Chaidh mo thoirt gu lagh dà thuras. Chuir mi seachad ochd bliadhna de mo bheatha fo sgrùdadh cùirte.

"Carson a tha mi a' dol a chosg ùine a' toirt seachad an aon chunntas 's a thug mi seachad roimhe thar ochd bliadhna?" dh'fhaighnich e.

Fadachd

Chaidh Imer Imeri a ghairm dhan chùirt airson agallamh cuideachd.

Bha fadachd air-san a dhol innte agus tha fadachd air tilleadh mar fhianaisiche.

Chaidh a chumail am bruid 's a dhochann le buill a' KhLA ann an togalach ann am beanntan Albàinia.

Image caption Chumar Imer Imeri am bruid ann an ceann a tuath Albàinia fad dà mhios. Thill e chun an togalaich airson a' chiad turas le sgioba Eòrpa.

Tha e ag ràdh gun do thachair seo seach gun robh e a' cur taic ri ceannard an LDK, Ibrahim Rugova.

Fhuair e a shaorsa nuair a thàinig an cogadh gu ceann, agus chuir cùirt ann an Cosovo dithis dhan phrìosan ri linn fianais a thug Imer agus feadhainn eile seachad mu na thachair taobh a-staigh an togalaich sin agus ann an àiteachan eile.

Cha tàinig bràthair Imer, Haki Imeri, beò às a' chòmhstri. Chaidh esan a mhurt beagan mhìosan às dèidh a' chogaidh.

A rèir Imer chaidh a mharbhadh seach gun robh e a' cur taic ris LDK.

Tha amharas air Imer cò a mharbh Haki agus cò a dh'òrdaich a mhurt, agus tha e an dòchas fuasgladh fhaighinn sa chùirt ùir.

A dh'aindeoin 's na chaidh e troimhe tha e ag ràdh nach eil an t-eagal air fianais a thoirt seachad.

"Fiù 's ma thèid bagairt mo mharbhadh, chan eil mi a' dol a stad. Innsidh mise an fhìrinn," thuirt e.

Mì-thoileachas

Ach, chan eil a h-uile duine a' cur taic ris a' chùirt ùir.

Tha feadhainn den bheachd gur e cùis uabhais a th' innte 's iad ag ràdh gur e gaisgich a bha ann am buill a' KhLA agus nach biodh Cosobho na stàite mur a biodh iad air strì a dhèanamh saorsa fhaighinn dhan dùthaich.

Tha iad den bheachd gu bheil a' chùirt shònraichte a' toirt aire air falbh bho eucoirean tòrr nas miosa a rinn na Searbaich.

Dh'fhalbh feachdan agus poilis Shearbach leis an duine agus an ceathrar mhac aig Ferdonije Qerkezi tron chogadh.

Image caption Tha pàirt de thaigh Ferdonije Qerkezi a-nis na thaigh-tasgaidh mar chuimhneachan air an duine aice agus a ceathrar mhac.

Chan fhaca i tuilleadh iad.

Thàinig oirre feitheamh sia bliadhna mus d' fhuair i dearbhadh gun deach am marbhadh agus fiù 's an uairsin cha deach ach dà chorp a lorg.

Chan fhaigh Ferdonije na freagairtean a tha ise a' sireadh bhon chùirt ùir leis nach eil na thachair dhan teaghlach aicese aig làmhan nam feachdan Searbach mar phàirt de dhleastanas na cùirte.

"Chan urrainn dhomhsa feuchainn ri dìoghaltas fhaighinn mi fhìn, oir chan e sin an t-seòrsa nàdair a th' annam. Ach chan urrainn dhomh mathanas a thoirt seachad a chaoidh.

"Dh'fhalbh iad leotha gu h-obann, agus mhuirt iad iad. Ciamar as urrainn dhomh-sa mathanas a thoirt seachad?" thuirt i.

Ceartas

Ge b' i dè a thachras bidh sgaradh bheachd ann agus bidh cùisean gun fhreagairt.

Tha a' chùirt fhèin a' dol às àicheadh gu bheil i taobhach an aghaidh a' KhLA - casaid a tha mòran a' cur às a leth.

'S e uachdranas laghail na cùirte dèiligeadh ri eucoirean co-cheangailte ri na casaidean a thogar an toiseach ann an 2010 ann an aithisg leis a' Chomhairle Eòrpaich - casaidean a tha a' buntainn ri buill a KhLA a-mhàin.

Ach tha a' chùirt fhèin ag ràdh gum bi e an urra ris an fhear-chasaid 's na britheamhan co-dhùnadh air a' cheann thall a bheil cùis sam bith a thèid a thogail a' buntainn ri aithisg na Comhairle Eòrpaich.

Do dhaoine leithid Imer, 's e a tha cudromach ach gum bi fuasgladh ann an co-dhiù cuid de chùisean.

"Dh'iarrainn-sa air na daoine a tha ciontach a thighinn air adhart agus innis na thachair. Tha an dùthaich seo air fulang gu mòr," thuirt e.

Gheibhear barrachd air an sgeulachd seo air Eòrpa Diardaoin an 7mh den t-Samhain aig 8:30f agus na Sàbaid aig 8:00f air BBC ALBA. Bidh am prògram ri fhaighinn cuideachd air an iPlayer.