Brathair bomair Arena Mhanchester fo chasaid

Iadsan a chaill am beatha an Stèideam Mhanchester Image copyright Various
Image caption An 22 a chaill am beatha nuair a spreadh boma ann am Manchester sa Chèitean 2017

Tha Hashem Abedi, brathair òg Salman a spreadh boma fèin-mharbhtach ann am Manchester a mharbh 22 duine, a' dol às àicheadh casaidean muirt.

Spreadh Salman Abedi, aois 22, am boma a mharbh 22 duine agus a leòn na ceudan eile agus iad a' tighinn a-mach à consairt ciùil Ariana Grande air an 22mh den Chèitean 2017.

Tha Hashem fo chasaid muirt an 22 duine agus gun robh e ag obair còmhla ri a bhrathair airson na h-ionnsaighean a chur air dòigh.

Chaidh Maighstir Abedi, aig nach robh àite-còmhnaidh seasmhach, a chumail an grèim aig na Poilis, agus bidh dùil ris sa chùirt air an 13mh den Fhaoilleach 2020.

Tha e cuideachd fo chasaid oidhirp air muirt air an fheadhainn a thàinig beò às an ionnsaigh.

Dh'fhoillsich Oifis na Dùthcha gun tèid rannsachadh poblach a chumail mun chùis.

Casaidean

Chaidh ainm gach fir is tè a bhàsaich a leughadh a-mach sa chùirt nuair a chaidh na casaidean a chur an aghaidh Hashem Abedi - le Eilidh NicLeòid aois 14 à Barraigh nam measg.

Fhreagair Abedi nach robh e ciontach leis gach 22 ainm.

B'iadsan a chàill am beatha san ionnsaigh: Elaine McIver, 43, Saffie Roussos, 8, Sorrell Leczkowski, 14, Eilidh NicLeòid ,14, Nell Jones, 14, Olivia Campbell-Hardy, 15, Megan Hurley, 15, Georgina Callander, 18, Chloe Rutherford, 17, Liam Curry, 19, Courtney Boyle, 19, Philip Tron, 32, John Atkinson, 26, Martyn Hett, 29, Kelly Brewster, 32, Angelika Klis, 39, Marcin Klis, 42, Michelle Kiss, 45, Alison Howe, 45, Lisa Lees, 43, Wendy Fawell, 50 agus Jane Tweddle, 51.

Rugar agus thogar Hashem Abedi ann am Manchester.

Chaidh a thoirt air ais dhan Rìoghachd Aonaichte bho Libya san Iuchar.