Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 a' fosgladh

Suaidheantas a' Mhòid Image copyright Mòd Ghlaschu

Thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 fhosgladh gu h-oifigeil le cuirm ann an Glaschu feagar Dihaoine.

'S e seo a' chiad turas a chaidh am Mòd a chumail ann an Glaschu bho 1990, nuair a chaidh a chumail ann am Baile a' Ghobhainn.

Dh'fhoillsich Leas Phriomh Mhinisteir na h-Alba John Swinney taic-airgid luach £2m 'son a chuir ri Bun Sgoil Ghàidhlig ùr eile anns a bhaile - an ceathramh sgoil de a leithid ann an Glaschu.

Tha dùil gur ann anns an ear thuath den bhaile a thèid a thogail.

Thèid cuirm fosglaidh a chumail ann an Ceàrnag Sheòrais oidhche haoine airson na fèise, a mhaireas seachdain.

Thèid farpaisean na bliadhna seo air fad cha mhòr a chumail ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu, leis a' chòrr aca ann an Colaiste Bhaile Ghlaschu, a tha faisg air làimh.