Tagraidhean gan sireadh 'son comhairlean coimhearsnachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air barrachd ùine a thoirt do dhaoine tagradh a chur a-steach ma tha iad airson a bhith air comhairlean coimhearsnachd na sgìre.

Tha gu 12:00f Dìmairt an 29mh den Dàmhair aig daoine airson tagradh a chur a-steach.

Thuirt Iar-Cheannard Comhairle na Gàidhealtachd, Alasdair Christie, gu bheil comhairlean coimhearsnachd nam pàirt cudromach de dheamocrasaidh ionadail, agus ann a bhith a' daingneachadh choimhearsnachdan.

Tha Mgr Christie a' brosnachadh dhaoine cur a-steach airson na h-obrach.

Thuirt Mgr Christie gun robh e cudromach gun robh grunn diofar dhaoine an sàs anns na comhairlean coimhearsnachd, agus gum bi diofar bheachdan air an cluinntinn.

Faodaidh duine sam bith os cionn aois 16 pàirt a ghabhail ann.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd.