Corp air a lorg an Gleann Ruaidh

Lochaber MRT Image copyright Lochaber MRT

Tha luchd-teasairginn a bha a' coimhead airson fear-sreap a bha a dhìth ann an Loch Abar air corp a lorg.

Thòisich an iomairt Diciadain ann an Gleann Ruaidh an dèidh mar a fhuaireadh baga.

Chaidh corp an duine, a bha 67, a lorg madainn Diardaoin.

Tha na Poilis ag ràdh nach eil càil amharasach mun chùis, agus thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.