"Atharrachadh poileasaidh a dhìth" air a' Ghàidhlig

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An t-Oll. Conchúr Ó Giollagáin

Tha eòlaiche ag ràdh gum bu chòir poileasaidhean Gàidhlig prìomhachas a chur air a' chànan a neartachadh ann an coimhearsnachdan Gàidhealach.

Bha Chonchúr Ó Giollagain, ollamh rannsachaidh na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd, a' bruidhinn aig deasbad ann an Glaschu far an tòisich am Mòd Nàiseanta Rìoghail oidhche Haoine.

Thuirt e gu bheil cus cuideim ga chur air luchd-labhairt ùra, agus thug e rabhadh gum feum coimhearsnachdan traidiseanta a bhith aig cridhe phoileasaidhean ma tha iad gu bhith buan.

"Tha na Gàidheil, a' choimhearsnachd thùsanach, tha e ann an staing cheart, agus chan eil na poileasaidhean a th' againn an-dràsta làidir gu leòr airson a bhith ag amas air an staing sin," thuirt e.

"Air a' chiad dol-a-mach, bhiodh e math nam biodh na tùsanaich an lùib an deasbaid phoblaich seo mu dheidhinn nam poileasaidhean.

"Ach 's dòcha gum bithinn a' moladh atharrachadh a dhèanamh air na poileasaidhean a tha an-dràsta againn.

"'S e poileasaidhean samhlachail, no siombalach, a th' againn - tha sinn feumach a-nis air poileasaidhean a tha sòisealta, a tha ag amas gu dìreach air teaghlaichean, air an òigridh, air na sgoiltean a bhith nas Gàidhealaiche, agus gum bi an òigridh gu h-àraid nas misneachaile agus nas comasaiche nuair a tha iad a' bruidhinn na Gàidhlig. Cùisean nach eil a' tachairt an-dràsta, 's dòcha.

"Ma tha luchd-poileasaidh agus luchd-acadaimigeach a' caint air an t-suidheachadh a th' aca fhèin, ag aideachadh gu bheil staing ann, tha cothrom fada nas fheàrr ann gum bi ùidh aig na tùsanaich anns an deasbad.

"An duilgheadas a tha an-dràsta ann, chan eil na tùsanaich an lùib an deasbaid a th' againn.

"'S e èiginn fìor mhòr a th' ann.

"'S e an cunnart mòr a tha a-nis ann, nach bi coimhearsnachd Ghàidhealach againn," thuirt e.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Ailean Caimbeul

Thuirt Ceann-Suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul, gu bheil na poileasaidhean a th' ann a' toirt a-steach dhuilgheadasan eile a th' aig na coimhearsnachdan tùsanach, ris am feumar dèiligeadh aig an aon àm.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na coimhearsnachdan dùthchail Gàidhlig, tha duilgheadasan aca a bharrachd air cànan," thuirt e.

"Tha duilgheadasan ann a thaobh taigheadais, duilgheadasan a thaobh chosnaidhean, agus iomadach rud eile.

"Chan e ceist Ghàidhlig a-mhàin a tha seo, 's e ceist eaconomaidh, agus tha fhios agam, mar a tha nochdte gu dearbha anns a' Phlana Nàiseanta a th' ann an-dràsta, tha aithne ga thoirt gum feum a' Ghàidhlig agus an eaconomaidh, 's seirbheisean sòisealta 's iomadach rud eile, a bhith air dèiligeadh riutha, air an toirt air adhart, aig an aon àm, ma tha leasachadh gu bhith ann, agus churinnsa làn-taic ri sin," thuirt e.