Mì-thoileachas mu Ionad fiaclaireachd Uibhist

Innealan fiaclair Image copyright Getty Images

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a'dol air adhart le plana airson aon ionad fiaclaireachd a' steidheachadh aig Ospadal Uibhist agus Bharraigh ann am Beinn nam Fadhla a dh'aindeoin mì-thoileachais sa choimhearsnachd.

Dùinidh na h-ionadan ann an Lionacleit agus an Loch nam Madadh aon uair 's gum bi na goireasan ùra deiseil - an ceann 18 mìosan a rèir a' Bhùird.

Tha BPA nan Eilean Siar, an Dr Alasdair Allan, air innse do Mhinistear na Slàinte Poblaich, Joe Fitzpatrick, cho mì thoilichte 's a tha mòran mun phlana sin.

"Tha e gu math soilleir dè tha muinntir Uibhist a' smaointinn mu dheidhinn agus tha iad air a bhith a' bruidhinn riumsa mu na planaichean seo agus tha mise a' dèanamh oidhirp eile inntinnean atharrachadh mu dheidhinn seo aig a' bhòrd slàinte agus feuchaidh mi a-rithist," thuirt an Dr Allan.

Cothrom

"Bha mi a' bruidhinn ri Ministear na Slàinte cuideachd a' faighneachd na ceist am biodh cothrom ann panail sgrùdaidh a stèidheachadh no sùil eile a thoirt air a' cho-dhùnadh a th' ann.

"Cha robh Ministear na Slàinte an sàs anns a' cho-dhùnadh, agus air sgàth sin bha mi a' togail a' chuspair agus teansa gum biodh an cothrom ann sùilean eile a thoirt air a' cho-dhùnadh.

"Tha tòrr dhaoine air a bhidh a' bruidhinn riumsa agus a' sgrìobhadh thugam mu dheidhinn air sgàth 's gum biodh an co-dhùnadh a' ciallachadh dà rud.

"A' chiad rud 's e sin gum biodh daoine a' siubhal airson a bhith a' dol chun an fhiaclair, cuairt de 60 mìle airson tòrr dhaoine. A' cheist eile a th' aig daoine, 's e sin dè seòrsa buaidhe a bhiodh aig a' cho-dhùnadh seo air Ospadal Uibhist agus Bharraigh air sgàth 's gum biodh am fiaclair ùr a' dol a-steach an sin agus dè tha sin a' ciallachadh airson seirbheisean an Ospadail," thuirt e.

Comasach

Mar phàirt de phlanaichean a' Bhòrd Slàinte airson a' ghoireas ùir, thathar an dùil gum bi e comasach a dhol a-mach gu daoine nan taighean ma tha seirbheis fiaclaireachd a dhìth - mar eisimpleir do dhaoine nas sine agus do dhaoine a tha ciorramach, far nach eil e furasta dhaibh faighinn gu fiaclair.

Thuirt an Dr Allan gun robh e gu math fosgailte agus deònach a bhith ag èisteachd ris na planaichean sin, ach nach robh mòran fiosrachaidh ann mu dheidhinn sin aig an ìre seo.

"An trioblaid a th' ann nach eil taic ann mar eisimpleir ann an Èirisgeigh no ann am Beàrnaraigh, an t-seòrsa ceist a th' ann am biodh daoine a' clàradh airson fiaclair nam biodh aca ri siubhal cho fada 's a bhiodh iad le dìreach aon fhiaclair ann an Uibhist," thuirt an Dr Allan.

"Aig deireadh an là 's ann leis a' Bhòrd Slàinte a tha an co-dhùnadh seo, ach tha mi a' smaointinn gun robh iad ceart a' cheist a thogail leis a' Mhinistear air sgàth is gu bheil tòrr, tòrr dhaoine ann an Uibhist a' bruidhinn riumsa mu dheidhinn.

Ceist

"Gun teagamh sam bith chan eil duine sam bith anns a' roinn phoblaich a' snàmh ann an airgead an-dràsta, ach ann an dòigh a' cheist a th' ann am biodh seo math airson slàinte nan Eilean, am biodh e math airson nan seirbheisean a tha againn an-dràsta san Ospadal," thuirt e.

Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air ionad meadaigeach Bheinn nam Fadhla agus Seirbheis Eiridinn na h-Alba a thoirt a steach dhan ionad aig an ospadal cuideachd.

Chàin comhairlichean neo-eisimileach Uibhist is Barraigh an co-dhùnadh an t-seirbheis a thoirt còmhla san aon àite mar seo agus bha iad feargach gun robh daoine a' call a-mach air seirbheisean ionadail.

Buaidh

Bheir seo buaidh air 3,500 neach a dh'fheumadh siubhal bho Èirisgeigh, Uibhist a Deas, Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh.

Airson euslaintich bho Èirisgeigh agus Beàrnaraigh bhiodh turas uile gu lèir suas ri 70 mìle (112 km) aca ri dhèanamh.

Cha b' urrainn do Bhòrd Amalaichte nan Eilean Siar - a bhios a' coimhead thairis air seirbheisean slàinte na sgìre - tighinn gu co-dhùnadh ris an robh iad uile ag aontachadh mun chruth a bhiodh air seirbheisean fiaclaireahd Uibhist às dèidh bhòtadh air.

Chaidh iarraidh air Àrd-Oifigearean a' Bhòrd Slàinte agus Comhairle nan Eilean Siar rèiteachadh a dhèanamh, agus dh'aontaich iad sin an aon ionad seo a chruthachadh.