Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt an Tuirc gu bheil iad air ionnsaigh a thoirt air còrr agus naoi fichead targaid an ceann a tuath Shiria mar phàirt de dh'iomairt an airm aca an aghaidh feachdan Curdach san sgìre. Chaidh an Ceann-Suidhe Trump a chàineadh airson saighdearan Aimeireaganach a thoirt far na crìche eadar an Tuirc agus Siria - rud a leig leis na feachdan Tuirceach ionnsaigh a thoirt, am beachd mòrain.

Brexit

'S iad na h-Eileanan Siar agus Earra-Ghàidheal na sgìrean as motha a dh'fhuilingeas ri linn Bhrexit, a rèir rannsachaidh a rinn Riaghaltas na h-Alba. 'S e as coireach, tha iad ag ràdh, gu bheil na h-uimhir de dhaoine a' faighinn am beò-shlàint bho leithid iasgaich, croitearachd agus àiteachais - agus chan eil cinnt ann mar a bheir Brexit buaidh air na roinnean sin.

Agus tha e a' coimhead eu-dòchasach gum faigh am Prìomhaire Boris Johnson agus Taoiseach na h-Èireann Leo Varadkar fuasgladh air ceist Chùl-Stad na h-Èireann dar a choinnicheas iad, an-diugh. 'S e am moladh airson dèanamh cinnteach nach bi crìoch chruaidh ann a-rithist ann an Èirinn an cnap-starra as motha ro aonta Bhrexit.

Bile Còmhdhail

Cuiridh Buill-Phàrlamaid an taic an-diugh ri reachdas a bheir cead do chomhairlean cìs pàircidh a chur air dràibhearan. Cuideachd an cois an lagha ùir bidh sgìrean beag-eimisein, agus bidh casg air pàirceadh dùbailte agus air a' chabhsair. Thathas ag amas air piseach a thoirt air seirbheisean bus ionadail, agus teicneòlas ticeadan eileagtronaigeach a leudachadh.

Stòras Uibhist

Tha a' chompanaidh a tha os cionn Stòras Uibhist - Sealladh na Beinne Mòire - ag ràdh gu bheil an t-eas-aonta eadar stiùirichean a-niste seachad. Chaidh gluasad airson Aonghas MacIlleMhaoil a chur far a' bhùird a tharraing, agus thuirt a' bhuidheann gun do ghabh e ris nach e am Bòrd a th' ann an-dràsta as coireach ri trioblaidean ionmhais. Bidh a' choinneamh bhliadhnail aca an Talla an Iochdair an ath-oidhch aig leth-uair às dèidh seachd.

Fiaclaireachd Uibhist

Dh'iarr ball nan Eilean Siar am Pàrlamaid na h-Alba taic Rùnaire na Slàinte Poblaich, Joe Fitzpatrick, ann an bhith a' coimhead às ùr air a' phlana seirbheis fiaclaireachd Uibhist a chur còmhla air an aon làraich, agus an dà aonad a th' ann an-dràsta a dhùnadh. Mhìnich Alasdair Allan dha gu bheil mòran mì-thoilichte le moladh NHS nan Eilean Siar.