Dòchas a thaobh Bile Croitearachd ùir

Talamh Croitearachd Image copyright Hazel Smith

Thuirt riochdairean croitearachd gu bheil iad an dòchas gun tòisich bile ùr - nach do rinn mòran adhartais airson grunn bhliadhnaichean - a' gluasad agus iad gus coinneachadh ri Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, Diardaoin.

Thog Mgr Ewing draghan gur dòcha nach faigh am bile tron Phàrlamaid san t-seisean seo ri linn Bhrexit.

Gheall Riaghaltas na h-Alba lagh ùr a chur troimhe ann am beatha na Pàrlamaid seo, agus gun tèid barrachd atharrachaidhean bunaideach a thoirt gu buil a thaobh laghan croitearachd san ath-Phàrlamaid.

Chuir Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, am follais a chuid phanaichean airson laghan croitearachd atharrachadh aig toiseach na bliadhna an-uiridh.

Mar phàirt dheth bha dùil ri Bile na Croitearachd tron t-seisean seo a bha ag amas air cuid de na cnapan-starra as cumanta do chroitearan a dhèanamh nas sìmplidhe.

Bha an dàrna pàirt den phlana ag amas air atharrachaidhean nas buanaitiche a thoirt gu buil 'son an ama ri teachd, agus bha e na amas dèiligeadh ri sin san ath-Phàrlamaid.

Thuirt àrd-oifigear Choimisein na Croitearachd, Bill Barron, gu bheil sin fhathast ciallach, agus gu bheil e an dòchas gun tèid adhartas a dhèanamh.