Aiseirigh air arbhar traidiseanta
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aiseirigh air arbhar traidiseanta

10 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha nàdar de dh'aiseirigh a' tighinn air arbhar traidiseanta - leithid na tha ga fhàs sna h-Eileanan - a bhith ga chur air tìr-mòr na h-Alba.

Às dèidh coimhead ri àm a' chura ann am prògram oidhche Mhàirt, anns an dàrna pìos aige, tha Teàrlach Quinnell a' coimhead ri àm na buana, agus pròiseact ann an Siorrachd Pheairt, a tha ag amas air piseach a thoirt air càilleachd an arain a tha sinn ag ithe an Alba.