Eas-aonta aig Sealladh na Beinne Mòire 'seachad'

Oifis Stòras Uibhist

Tha Sealladh na Beinne Mòire, a' chompanaidh a tha os cionn Stòras Uibhist, ag ràdh gu bheil an t-eas-aonta eadar stiùirichean a-niste seachad.

Ann am brath sgrìobhte oidhche Chiadain thuirt a' bhuidheann gun deach an gluasad airson Aonghas MacIlleMhaoil a chur far a' bhùird a tharraing.

Thuirt iad gu bheil Mgr MacIlleMhaoil a' gabhail ris nach iad am Bòrd a th' ann an-diugh as coireach ri trioblaidean iomhais agus gun do rinn iomairt a bh' aige anns na meadhanan bho chionn ghoirid cron air cliù nan stiùirichean, na companaidh is na coimhearsnachd.

Bidh coinneamh bhliadhnail na buidhne an Talla an Iochdair oidhche Haoine aig 7:30f.