Taic ùr do luchd-taisteil

Eich air làrach luchd-taisteil Image copyright Google

Tha plana ùr luach £3m ga fhoillseachadh gus luchd-taisteil na h-Alba a chuideachadh.

'S iad Riaghaltas na h-Alba is COSLA a tha air cùlaibh a' phlana, agus chuir ceannardan nan 32 comhairlean an Alba an taic ris.

Tha am pròiseact ag amas air coimhearsnachd an luchd-taisteil a chuideachadh le leasachadh a thoirt air àiteachan-fuirich, foghlam, cùram slàinte, is an cothrom a th' aca air sochairean.

Thuirt tè-labhairt bhon choimhearsnachd gu bheil bochdainn, dìth chothrom air seirbheisean poblach, is gràin-cinnidh am measg nan trioblaidean as motha a th' aca.

Thèid £2m a chleachdadh le ùghdarrasan ionadail gu sònraichte gus àiteachan-fuirich is làraichean a leasachadh, is an còrr air pròiseactan co-cheangailte ri foghlam, slàinte is cùram sòisealta.

Tha an fheadhainn a tha air am plana a dhealbh ag ràdh gu bheil iad air èisteachd ri draghan a thog coimhearsnachd an luchd-taisteil.