Plana nan Eilean ga fhoillseachadh

Na Hearadh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba dreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean.

Tha am plana ag amas air dèiligeadh ri trioblaidean leithid crìonadh an t-sluaigh, agus gainnead taigheadais, agus leasachadh a thoirt air seirbheisean còmhdhail agus slàinte am measg eile.

Thathas ag ràdh gur e fìor chunnart a th' ann an crìonadh sluaigh do sheasmhachd choimhearsnachdan eileanach, is na h-Eileanan an Iar an cunnart 14% den t-sluagh aca a chall ro 2041.

Mhol an Riaghaltas obrachadh le eileanaich òga gus am brosnachadh fuireach neo tilleadh chun nan eileanan.

Am measg phlanaichean Holyrood, tha an eaconomaidh is ceanglaichean didseatach a leasachadh, dèiligeadh ri bochdainn connaidh is tuilleadh taice a chur ri foghlam, ealan, cultar, is cànan.

A thaobh sheirbheisean siubhail, chaidh a mholadh airgead a thasgadh thairis air ùine fhada ann an aiseagan is puirt ùra, agus ath-sgrùdadh a dhèanamh air buaidh sgeama RET.

Thuirt Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, nach robh am plana ach a' freagairt pàirt den dùbhlan, agus gum feumar gnothach a ghabhail ris sa bhad.