UistLitter
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Smachd air sgudal

8 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fo àilleachd sheallaidhean eireachdail agus tràighean Uibhist, tha stuth gu math mi-thlachdmhòr ri fhaicinn - sin sgudal!

A dh'aindeoin gach oidhirp bho chroitearan agus iasgairean ann an Uibhist smachd a chumail air an sgudail bhon obair aca, tha gu leòr ri fhaighinn fhathast air tràighean an eilein.

Tha riaghailtean teann ann cheanna a thaobh a bhith a' dèiligeadh ri stuth dhen t-seòrsa seo, ach mar a tha Shona NicDhòmhnaill a-nise ag aithris, chan eil coltas ann gu bheil na tha sin de thaic ri fhaighinn anns na sgìrean iomallach.