Ionad-cùraim fosgailte a-rithist

Ionad-cùram Airdferry
Image caption Ionad-cùram Airdferry

Fosglaidh Ionad Airdferry anns an Dòrnaidh Diciadain, às dèidh dha a bhith dùinte air a' mhìos a chaidh.

Chaidh an t-ionad a dhùnadh ri linn gainnead luchd-obrach.

Fhad 's a bha an t-ionad dùinte, dh'fheumadh daoine a bha a' cur feum air seirbheisean cùraim an ionaid a dhol dhan Ath Leathann san Eilean Sgitheanach - 17 mìle air falbh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh a-nis luchd-obrach a bharrachd aca airson ionad Airdferry a chumail fosgailte.

Gàirdeachas

Rinn Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre Ceit Fhoirbeis gàirdeachas ris an naidheachd gun robh an t-ionad air luchd obrach fhaighinn airson a chumail fosgailte.

"'S e ionad air leth cudromach a tha seo airson cùraim làitheil, agus tha e a' toirt dhomh faochadh gun d' fhuair NHS na Gàidhealtachd luchd-obrach airson gun gabhadh e fosgladh a-rithist," thuirt i.

Meas

"An rud cudromach a-nis, 's e gu bheil an t-ionad air a chleachdadh agus gu bheil e feumail do dhaoine san sgìre," thuirt Ms Fhoirbeis.

"A h-uile taing dhan choimhearsnachd a rinn soilleir am meas a bh' aca air an ionad," thuirt i.

Tha ochd bliadhna bhon a chaidh an t-ionad fhosgladh, agus bha dragh air cuid san sgìre nach robh an dachaigh a' freagairt air feumalachdan seann daoine na sgìre.