Ìmpidh mu tharaifean an uisge-bheatha

Dòmhnall Trump Image copyright AFP

Tha ìmpidh ga chur air a' Phrìomhaire bruidhinn ris a' Cheann-suidhe Trump mu tharaifean a dheadh air uisge-beatha a bhiodh a' dol a dh'Aimeireagaidh.

Thèid taraif de 25% air mac na braiche Albannach bhon 18mh dhen Dàmhair, às dèidh do na Stàitean grunn rudan a dhèanamh mar dhìoghaltas airson subsadaidhean Eòrpach a fhuair a' chompanaidh Airbus.

Thuirt seann Rùnaire Stàite na h-Alba, Dàibhidh Mundell: "Tha an gnìomhachas gu math soilleir, nam biodh e comasach dhan riaghaltas innse nach bi traraif air bourbon no uisge-beatha Aimeireaganach nuair a dh'fhàgas Breatainn an EU - gun cuidicheadh sin gu mòr le na còmhraidhean leis na Stàitean Aonaichte."

Thuirt e cuideachd gum bu chòir dhan Phrìomhaire Boris Johnson bruidhinn ris a' Cheann-suidhe Trump mun chùis.