BPA a' càineadh Comhairle na Gàidhealtachd

Pàiste

Thuirt am Ball-Pàrlamaid Albannach Ceit Fhoirbheis gun robh beachdan a nochd ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd mu fhoghlam Gàidhlig ann an litir an t-seachdain a chaidh dìreach uabhasach.

Bha Mairead NicDhàibhidh air sgrìobhadh gu bheil an taic a tha a' Ghàidhlig a' faighinn mì-chothromach, is gu bheil neo-ionnannachd ann le Beurla.

Choinnich Ceit Fhoirbeis ri ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd an-dè, agus às dèidh làimh thuirt i nach robh iad a' tuigsinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Eagal

Tha i ag ràdh gu bheil an cànan ann an suidheachadh èiginn, gu bheil beachdan na comhairle a' cur eagal oirre, is gum feum cuideam a chur orra taic a thoirt seachad.

Thuirt i: "Tha e ceart gu leòr daoine seasamh suas agus a bhith ag ràdh gu bheil iad a' cur taic ris a' Ghàidhlig, ach aig a' cheann thall, feumaidh an t-airgead a bhith ann, feumaidh na poileasaidhean a bhith ann agus feumaidh na sgoiltean ùra a bhith ann, agus tha mise mar eisimpleir airson faicinn barrachd sgoiltean aig àrd ìre tro mheadhan na Gàidhlig - ach feumaidh an riaghaltas a bhith ag obair leis a' chomhairle airson sin a chur air dòigh.

Deich bliadhna

"Tha an t-eagal orm-sa a-nis gu bheil sinn a' dol air ais cha mhòr deich bliadhna.

"Mar sin, tha an t-eagal orm agus feumaidh sinn uile cur cuideam ann an dòigh air na daoine a tha a' cur na poileasaidhean seo air dòigh."

Diluain air Aithris na Maidne, thuirt an Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, Jim Whannel, gu bheil poileasaidh na comhairle an urra ris an ùghdarras ionadail fhèin cho fads a thèid cumail ri molaidhean nàiseanta.