BBC Naidheachdan

Grunn dhaoine a' fàgail Bhòrd na Gàidhlig

Published
image copyrightBòrd na Gàidhlig

Tha ceathrar bhall agus oifigear nam meadhanan air Bòrd na Gaidhlig fhàgail, neo gus fàgail.

Tha diofar adhbharan aig gach duine.

Dh'fhàg cuid dhiubh dà bhliadhna mus robh na cùmhnantan aca a' tighinn gu crìch, agus cha robh oifigear nam meadhanan anns an dreuchd ach beagan sheachdainean mus do dh'fhàg e.

Tha Seumas Whannel, a tha a-nis na Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, am measg a' cheathrar bhall a th' air am Bòrd fhàgail no a tha a' fàgail a' Bhùird.

Dh'fheumadh esan sin a dhèanamh air sgàth na dreuchd ùire.

Cuideachd, dh'fhàg Màiri Anna NicUalraig, Dòmhnall MacSuain agus Fiona Dunn.

Dreuchd ceithir bliadhna

'S e dreuchd ceithir bliadhna a th' ann mar as trice, ach tha cuid a' fàgail fada ron àm.

A bharrachd air sin, dh'fhàg fear a bha na oifigear mheadhanan dhaibh cuideachd, Màrtainn Mac an Leabhair à Slèite, nach robh anns an dreuchd ach airson beagan sheachdainean.

Taic

Tha cuid a' fàgail an dreuchdan is làn thaic aca airson a' Bhùird, ach tha cuid eile nach eil den bheachd sin.

Tha iad a' faireachdainn nach b' urrainn dhaibh an còrr a dhèanamh nan dreuchdan, agus nach b' urrainn dhaibh taic a thoirt dhan bhuidhinn tuilleadh.

Ann am brath-naidheachd, thuirt tè-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil fios aca gu bheil dòrlach dhaoine air am Bòrd fhàgail, ach gun tèid daoine eile fhastadh ann an ùine nach bi fada.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig bu bheil iad glè dhuilich gu bheil buill a bha ann am briathran a' Bhùird fhèin, "cho dèanadach agus buadhach" a' fagail a' Bhùird ach gu bheil iad a' guidhe gach soirbheas dhaibh.