Islay ferries
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cion àiteachan air aiseagan ìle

16 An t-Sultain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chuala àrd-choinneamh air aiseagan Ìle an-diugh gum bi iad gann de 12,000 àite-carbaid air aiseagan an eilein ron bhliadhna 2023.

Tha seo ri linn mar a thathas an dùil gun tig àrdachadh air na thèid a dhèanamh de dh'uisge-bheatha san eilean.

Ged a thig bàt'-aiseig ùr an ceann ceithir bliadhna, dh'aontaich na bha an-làthair gum feum rudeigin tachairt ron sin gus faochadh a thoirt air an t-suidheachadh.

Seo Andreas Wolff.