Ceann-là airson stailc

Trèana Image copyright PA

Thèid luchd-obrach trèana-oidhche a' Chaledonian air stailc aig deireadh na mìos seo agus iad mì-thoilichte le cùmhnantan obrach.

Tha an RMT ag ràdh gu bheil na buill aca a' fulang uallach an àite-obrach a th' air buaidh a thoirt air an slàinte-inntinn an dèidh do thrèanaichean ùra tòiseachadh air an t-slighe.

Ach tha manaidsearan ag ràdh nach tuig iad an suideachadh leis gu bheil iad a' cur an sàs na h-atharrachaidhean a dh'iarr an t-aonadh.

Lunnainn

Tha seirbheis trèana a' Chaledonian a' dol rè na h-oidhche eadar Alba agus Lunnainn.

As t-earrach, chuir Serco, a' chompanaidh a tha ga ruith, trèanaichean ùra air an t-slighe an àite an fheadhainn aosta a bh' ann.

Ach chan eil an t-atharrachadh seo a' còrdadh ri cuid a tha ag obair air na trèanaichean.

RMT

Tha oifigich bhon aonadh an RMT ag ràdh gu bheil cùmhnantan obrach a' fàgail dhaoine fo uallach mhòr.

Thuirt iad gum bi stailc trì là ann a' tòiseachadh air 29mh den t-Sultain, agus nach dèan iad uairean a bharrachd.

Tha an RMT ag ràdh nach deach le còmhraidhean rèiteachaidh.

Tha manaidsearan ag ràdh gur e adhbhar tàmailt a th' ann dhaibh agus nach tuig iad carson a thathar a' bagairt stailc leis gun do chuir iad an gnìomh na h-atharrachaidhean a dh'iarr an t-aonadh.