Fear a bhàsaich ann an tubaist air ainmeachadh

Chaidh fireannach a bhàsaich anns an ospadal an dèidh tubaist rathaid ann an Leòdhas ainmeachadh leis na poilis.

Bha Philip Walker, 72, à Anglesey anns a' Chuimrigh air saor-làithean air an eilean.

Thachair an tubaist eadar am bhana-chàmpachaidh aige agus bhana eile anns Diciadain seo chaidh air an A858 eadar Drochaid Chàrlabhaigh agus Taigh-òsta na Doune Braes.

Maoir-chladaich

Sgèith Heileacoptair Mhaor-chladaich Steòrnabhaigh, a bha air eacarsaich anns an sgìre, Mgr Walker dhan ospadal ann an Steòrnabhagh.

Dh'eug e ann an Ospadal nan Eilean Siar Diardaoin.

Bha boireannach anns a' bhana-chàmpachaidh cuideachd agus bha dithis anns an bhana - ach cha deach an goirteachadh.

Poilis

Thuirt an Sgt Daibhidh Miller gun robh iad a' cuimhneachadh air teaghlach agus caraidean Mhgr Walker aig an àm dhuilich seo.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist, no na carbadan ron tubaist, fios a chur thuca.

Tha iad airson cluinntinn cuideachd bho dhuine sam bith a rinn clàradh dashcam.