Naidheachdan 1100
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 1100m

16 An t-Sultain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coinneamh Eòrpach

Tha Boris Johnson a' coinneachadh ri Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Junker, ann an Lugsamburg. Tha an Riaghaltas air leigeil fhaicinn gun can am Prìomhaire ris NACH bi e deònach an còrr dàil a chur air Brexit 's gum fàg Breatainn le aonta no gun aonta air an là mu dheireadh dhen ath mhìos. Ach thuirt iad cuideachd gu bheil Mgr Johnson ag obair là 's a dh'oidhche airson aonta fhaighinn. Tha Neach-deasachaidh Eòrpach a' BhBC, Katya Adler, ag ràdh nach eil coltas sam bith gu bheil aonta faisg.

Aldi

Thuirt ceannard bhùithean Aldi nach urrainn dhà gealltainn nach tèid prìsean an-àirde ma bhios Brexit gun aonta ann. Tha e cuideachd ag ràdh gum faodadh cuid de stuth a bhith a dhìth air na sgeilpichean.

Ospadal ùr na cloinne

Tha Riaghaltas na h-Alba air stiùiriche prògraim ùir a chur an-sàs airson dèanamh cinnteach gun tèid ospadal ùr na cloinne ann an Dùn Èideann fhosgladh cho luath 's a ghabhas. BHA còir aige fosgladh as t-samhradh am bliadhna, ach chaidh dàil air chun na h-ath-bhliadhna air adhbharan sàbhailteachd. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gun obraich Màiri Morgan le NHS Lodainn airson am pròiseact a thoirt gu buil.

Ola

Chur na Stàitean Aonaichte às leth Iran a-rithist gur iad a thug ionnsaigh air goireas ola ann an Saudi Arabia air an deireadh-sheachdain. Tha Terhran a' dol as àicheadh gun robh gnothach aca ris na h-ionnsaighean dròn. Tha iad a' ciallachadh nach eil uimhir de dh'ola air a' mhargaidh 's gu bheil a' phrìs feadh an t-saoghail a' dol an-àirde.

Aiseag Ìle

Thèid iomagain a nochdadh aig coinneimh mhòir ann an Ìle an-diugh mu phlanaichean airson bàt-aiseig ùr dhan eilean. Tha dùil gun toir e ceithir bliadhna an dàrna bàt-aiseig a thogail, 's tha cuid ag ràdh gum bi sin ro fhada. Tha eagal cuideachd - fiù's nuair a thig i - nach bi an soitheach mòr gu leòr is trafaig coimearsalta a bharrachd gu bhith ann ri linn mar a dh'fhàs gnìomhachas an uisge-bheatha bho chionn ghoirid

Saor-làithean

Fhuair athaisg gu bheil aon às gach fichead de luchd-obrach na dùthcha nach eil a' faighinn saor-làithean pàighte. Agus tha aon duine às gach deich nach bi a' faighinn bileag-pàighidh. Thuirt Bunait Resolution a rinn an rannsachadh gu bheil e a' dearbhadh cho farsaing 's a tha fastadh mì-laghail.