Fearg an Uibhist mun t-seirbheis fiaclaireachd

Obair fiaclaireachd Image copyright Getty Images

Tha comhairlichean an Uibhist a' tuigsinn gun deach co-dhùnadh nach bi ach aon ionad fiaclaireachd don sgìre air fad eadar Èirisgeigh agus Beàrnaraigh.

Bho chionn faisg air dà bhliadhna, mhol Bòrd Cùram agus Slàinte nan Eilean Siar aon ionad a stèidheachadh ann an Ospadal Uibhist agus Bharraigh ann am Beinn nam Faoghla agus gun dùineadh na h-ionadan beaga eile ann an Lìonacleit, Loch nam Madadh agus Loch Baghasdail.

Ach cha robh buill a' bhùird aonaichte air a' cheist le ceathrar a' cur taic ri moladh an t-seirbheis a thoirt còmhla air aon làraich agus ceathrar na aghaidh nuair a bha bhòt ann sa Ghearran 2018.

Fo na riaghailtean, dh'fhàg sin gun robh am facal mu dheireadh gu bhith le Àrd-oifigearan Bhòrd na Slàinte, Gòrdan Jamieson, agus Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr.

An dèidh nam mìosan a' feitheamh ri freagairt bhuapa, tha na comhairlichean a' tuigsinn gur e co-dhùnadh nan àrd-oifigearan an t-seirbheis a ghluasad gu Ospadal Uibhist agus Bharraigh.

Dubh-chàineadh

Ann am brath-naidheachd a sgaoil iad air na meadhanan sòisealta Dihaoine, chùir na comhairlichean an cèill cho feargach agus a tha iad mu dheidhinn.

Chuir iad às leth an dithis cheannardan nach tug iad feairt air beachdan a' chuid as motha de dhaoine sa sgìre gur e trì ionadan a ghlèidheadh a b' fheàrr a fhreagarradh orra

"A dh'aindeoin gach beachd a nochd tron chonaltradh phoblach airson seirbheis air trì làraich, a dh'aindeoin bheachdan na coimhearsnachd, Comann nan Comhairlean Coimhearsnachd, comhairlichean ionadail, a' Bhuidheann Planaidh Ionadail, fiaclairean agus dotairean na sgìre agus cathraiche Bhòrd Cùram agus Slàinte nan Eilean Siar, tha seirbheis a bharrachd gu bhith stèidhichte san aon àite an seo a' toirt droch bhuaidh air goireasan lannsaireachd aig Ospadal Uibhist agus Bharraigh."

"Bha tòrr choinneamhan againn le Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, sna beagan mhìosan a dh'fhalbh agus dh'fhàg iad sin sinn le dòchas nach deigheadh e an aghaidh beachd na coimhearsnachd. Gheall e cuideachd gum bruidhneadh e mun cho-dhùnadh aige mus deach fhoillseachadh - cha do thachair sin."

Thuirt na comhairlichean gun robh iad a' cur taic ris a' choimhearsnachd air a' cheist seo, agus gun dèanadh iad gach oidhirp cur às dhan cho-dhùnadh a dhèanadh cron, nam beachd, air an t-seirbheis fiaclaireachd agus air seirbheisean taobh a-staigh an ospadail fhèin.

Thuirt fear-labhairt Comhairle nan Eilean Siar gum biodh aithisg mu na molaidhean air beulaibh bhall bhòrd Cùram agus Slàinte nan Eilean Siar aig an ath-choinneamh aca air an 26mh den t-Sultain.

Thuirt e gum bidhear a' beachdachadh air grunn chuspairean mus deigheadh moladh sam bith a chur an gnìomh.