Rèis dhùbhlanach ùr timcheall Loch Nis gu bhith ann

Loch Nis
Image caption Bidh an rèis ùr a' dol timcheall air Loch Nis

Bidh aig farpaisich ri bruaichean Loch Nis a leantainn gun a dhol air an rathad mhòr taobh a-staigh 24 uairean de thìde san rèis ùir a thathar a' foillseachadh Dihaoine.

Sin dìreach tè dhe na rèisean a tha an fheadhainn air cùl an tachartais spòrsail ùir ag ainmeachadh.

Tha Visit Inbhir Nis Loch Nis (VILN) a' toirt cuireadh do lùth-chleasaichean a thighinn chun na sgìre aig deireadh a' Chèitein 2020 agus iad a' tabhann orra diofar dhùbhlain thairis air trì là.

Bidh iad a' cleachdadh slìghe ùir 360 Loch Nis agus bidh còig taghaidhean aig farpaisich eadar dùbhlain ruith neo baidhseagail.

Chanadh gu leòr gur e an rèis as cruaidhe a bhios ann a bhith a' ruith timcheall air Loch Nis taobh a-staigh 24 uairean de thìde; sin astar de 129 ciolomatair le dìreadh de chòrr agus 3,000 meatair ann.

Dùbhlain chruaidhe

Dhan fheadhainn nach eil a' sireadh dùbhlain cho duilich bidh cothrom aca an cùrsa a chrìochnachadh le bhith a' dèanamh slighe marathon gach là thairis air trì là.

Ma tha sin gu bhith cus dhaibh, tha taghadh eile romhpa - "dìreach" aon mharathon neo a dhà dhiubh a dhèanamh.

Ma 's e rothaireachd a b'fheàrr leotha, tha dùbhlan a dhol mun loch air baidhseagal-beinne taobh a-staigh 14 uairean de thìde.

Thuirt àrd-oifigear VILN, Graeme Ambrose: "Ma tha sibh a' coimhead airson rudeigin caran diofraichte, feuch dè cho làidir agus a tha sibh nur bodhaig agus nur n-inntinn dh'fhaoidte gur e Dùbhlan Loch Nis 360 an tachartas dhuibh-se."

Tòisichidh an tachartas ann an Duras agus gluaisidh e às an sin gu Druim na Drochaid agus Cille Chuimein mus till e a Dhuras air an treas là.

Bidh Dùbhlan 360 Loch Nis ann air an 29mh, 30mh agus 31mh den Chèitean an ath-bhliadhna.