Stiùiriche Foghlaim BhNAG gu bhith pàirt-ùine

Gàidhlig

'S ann pàirt-ùine a-nis, là gu leth gach seachdain, a tha dreuchd chudromach ann an saoghal na Gàidhlig.

'S e Jim Whannel Stiùriche ùr an Fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig.

Tha am Bòrd, anns a' Phlana Nàiseanta as ùire aca, ag amas air deich sgoiltean Gàidhlig ann an Alba ro 2023.

Ach, tha ceist ann an gabh sin coileanadh agus Comhairle na Gàidhealtachd, mar eisimpleir, a' cur romhpa clann ann am foghlam Gàidhlig fo-sgoile a bhith san aon thoglach ri clann nach eil.

Thuirt Jim Whannel gu bheil sgioba ag obair air foghlam: "Tha manaidsear foghlaim ùr, Joanne McHale, ag obair aig a' bhòrd agus tha sinn an dòchas gum bi deagh naidheachd a' tighinn a-mach bhon bhòrd mu dheidhinn oifigear-trusaidh luchd-teagaisg anns na seachdainean a tha romhainn.

"Mar sin, tha sinn a' cruthachadh sgioba le diofar dhleastanasan airson a' phlana nàiseanta a lìbhrigeadh agus gu bhith a' toirt taic do dh'ùghdarrasan agus sgoiltean airson foghlam tro Ghàidhlig aig ìre gu math soirbheachail agus le deagh chleachdadh a lìbhrigeadh,"mhìnich e.

Bha e cuideachd ag ràdh mu na tha an dàn dha: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-amasan gu math sìmplidh - a bhith a' brosnachadh phàrtantan agus luchd-cùraim gus a bhith a' taghadh foghlam tro Ghàidhlig agus gus a bhith a' càradh mar a tha Alba a' smaoineachadh mun t-siostam foghlam a th' againn."