'Faileachadh-corporra' aig Comhairle Earra Ghaidheal is Bh`oid
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

'Faileachadh-corporra' aig Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid

12 An t-Sultain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh' fhàg riochdairean coimhearsnachd air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gur e 'faileachadh-corporr'a a bh' ann is nach deach èisteachd riutha gu ceart ri linn gnothach nan cìsean-pàircidh ann am Muile.

Cho-dhùin comataidh sgìreil na Comhairle Diciadain ath-sgrùdadh a thòiseachadh mu na mearachdan a chaidh a dheànamh.

Ach cha do ghabh iad ri iarrtas bho thriùir chomhairlichean gus ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a chur air dòigh.