Itealain Loganair gan urachadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Itealain Loganair gan ùrachadh

12 An t-Sultain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid na h-itealain aig Loganair ùrachadh anns na 3 bliadhna a tha romhainn.

Anns an ùine sin thèid an Saab 340 a th' air a bhi a' frithealadh nan eilean airson timcheall air 20 bliadhna a-mach à seirbheis.

Thig itleain ùra air an dèanamh leis a' chomoanaidh ATR nan àite, is iadsan nas motha agus nas luaithe.

Thàinig seo am follais Diciadain aig coinneimh eadar àrd-oifgear na companaidh agus Comhairle nan Eilean Siar.