Buaidh lìge dhan Ghearasdan mu dheireadh thall

An Gearasdan tweet Image copyright Clive Lindsay

Bhuannaich An Gearasdan a' chiad gheam aca ann an Lìog na Gàidhealtachd ann an 882 là le bhith a' dèanamh a' chùis air Clach na Cùdainn 1-0 oidhche Chiadain.

'S e Jack Brown a fhuair an tadhal dhaibh 's e am measg naoinear a th'air iasad bho Chaley Thistle Inbhir Nis.

Air a' mhìos a chaidh, bhuannaich iad a' chiad gheam ann am farpais sam bith ann an 840 là nuair a rinn iad a' chùis air Nairn County 5-2 ann an Cupa Cheann a Tuath na h-Alba.

A-niste tha iad air geam lìog a bhuannachadh airson a' chiad turas bhon 12mh dhen Ghiblean 2017.

Tha e a' fàgail Clach na Cùdainn aig bonn na lìog às aonais phuing ann an seachd geamaichean.

Ghluais An Gearasdan os cionn Hunndaidh agus Inbhir Losaidh 's iad cuideachd air geam nas lugha a chluich na an dà sgioba sin.

Image copyright Paul Devlin - SNS Group
Image caption Fhuair Jack Brown, a th'air iasad bho Chaley Thistle Inbhir Nis, an tadhal don Ghearasdan oidhche Chiadain.